Cluas ri claisneachd Listen out!

Ceistean

grandmother and grandchildren talking on Skype

Tha sinn air sreath de cheistean a chur ri chèile airson do chuideachadh a’ dèanamh agallabh. Cha bhi a h-uile ceist freagarrach airson a h-uile còmhradh, agus cha leig thu a leas a h-uile ceist a chur nas motha. Bhiodh eadhon ceist no dhà feumail!

Cuimhnich gu bheil sinn airson gun cuir sibh na ceistean seo le bhith a’ bruidhinn air fòn no thairis air an eadar-lìon. Fhad ’s a tha suidheachadh an corònabhioras ann chan fhaod sibh a dhol a chèilidh air taighean càch a chèile!

(Chaidh na ceistean seo a thoirt bhon obair aig Donna Màiri NicIomhair, agus tha dreach PDF dhan seo, a ghabhas a lìonadh a-steach, ri fhaicinn ann an seo. Tha tionndadh Bheurla dhe na ceistean ann cuideachd.)

Fiosrachadh pearsanta

An taigh

  • Dè an t-ainm a tha oirbh?
  • Bheil farainm no ainm eile aig daoine oirbh?
  • Dè chanadh iad ri ur pàrantan?
  • Cuin agus càite an do rugadh sibh?
  • An robh peathraichean no bràithrean agaibh? Ma bha, cia mheud? Cò iad?
  • Cò ris a bha ur dachaigh coltach nuair a bha sibh a’ fàs suas? Inns dhuinn cuimhneachain sam bith a tha agaibh mu dheidhinn.

Past times and hobbies

  • Nuair a bha sibh na b’òige, am biodh sibh a’ dol a dh’iasgach? (Ma bha, cò ris a bha sin coltach?)
  • Nuair a bha sibh na b’òige, am biodh sibh ag obair air an lot? (Ma bha, cò ris a bha sin coltach?)
  • Nuair a bha sibh na b’òige, am biodh sibh a’ seinn ann an còisir? (Ma bha, cò ris a bha sin coltach?)
  • Nuair a bha sibh na b’òige, am biodh sibh a’ cluich spòrs sam bith, mar ball-coise? (Ma bha, cò ris a bha sin coltach?)
  • Dè na cur-seachadan eile a bhiodh agaibh?

An sgoil

Bun-sgoil

  • Cò na tidsearan bun-sgoile a bha agaibh?
  • Cò ris a bha latha san sgoil coltach?
  • Am biodh sibh a’ cluich geamanan san raon-sgoile? Cò ris a bha iad coltach?
  • Bheil cuimhne agaibh air dè na fasanan a bha a’ dol aig an àm sin?
  • Cò ris a bha na leasain coltach?
  • Am biodh cur-seachadan air an cur air chois as dèidh an latha-sgoile a bhith seachad?
  • Na chòrd a' bhun-sgoil ribh?

Àrd-sgoil

  • Cò na tidearan a bha agaibh san àrd-sgoil?
  • Cò ris a bha latha san àrd-sgoil coltach?
  • Am biodh sibh a’ cluich geamanan san raon-sgoile? Cò ris a bha iad coltach?
  • Bheil cuimhne agaibh air dè na fasanan a bha a’ dol aig an àm sin?
  • Cò ris a bha na leasain coltach?
  • Am biodh cur-seachadan air an cur air chois as dèidh an latha-sgoile a bhith seachad?
  • Na chòrd an àrd-sgoil ribh?

Às dèidh na sgoile

  • An deach sibh gu oilthigh no colaiste? Ma chaidh, dè rinn sibh ann an sin?
  • Na rinn sibh siubhal às dèidh na sgoile fhàgail?
  • Càite an d’fhuair sibh obair às dèidh na sgoile?

Coimhearsnachd

Creideamh

  • Am biodh sibh a’ dol dhan eaglais air a’ Bhac?
  • Ma bha, dè na cuimhneachain a tha agaibh air an sin?
  • Cò ris a bha na h-òrdaighean coltach?
  • Bheil cuimhne agaibh air tachartasan sònraichte sam bith eile co-cheangailte ris an eaglais?

Nithean sòisealta

  • Innis dhomh mu dheidhinn pòsaidhean agus bainnsean. Robh sibh a-riamh aig banais-taighe? Dè an ullachadh a bhiodh ann airson banais-taighe? Bheil cuimhne agaibh air na cleachdaidhean a bhiodh ann?
  • Innis dhomh mu dheidhinn na cleachdaidhean a bha timcheall air bàs agus tiodhlacaidhean. Bheil cuimhne agaibh air a dhol gu taigh-fhaire?

Beatha laitheil

  • Dèan dealbh dhomh air mar a bha beatha laitheil a’ bhaile ri ur ciad cuimhne.
  • Cò na nàbaidhean a bha agaibh?
  • Bheil cuimhne agaibh air tachartasan sònraichte a ghabh àite sna coimhearsnachdan?
  • Bheil cuimhne agaibh air rudan a thug buaidh air na bailtean bho a-muigh (mar an dàrna cogadh)?

Teicneòlas

  • Bheil cuimhne agaibh air an dealan a’ tighinn an toiseach?
  • Bheil cuimhne agaibh air a’ bhùrn a’ tighinn an toiseach?
  • Bheil cuimhne agaibh air a’ chiad telebhisean a fhuair sibh?
  • Dè mu dheidhinn ur ciad fòn?
  • Ur ciad washing machine?
  • Ciamar a dh’atharraich teicnèolas thairis air na bliadhnaichean?

Sgeulachdan, ùirsgeulan agus seanchas

  • An cuala sibh a-riamh uirsgeulachdan mu dheidhinn na sìthichean no rudan os-nàdarra?
  • Bheil lorg agaibh air gin a seann sgeulachdan a bhuinneas dhan sgìre?
  • Bheil sgeulachdan no seanchas sam bith eile ann a bu chòir cuimail air cuimhne?